­

CLÀR

Ro Fhada san t-Suidheachadh Seo - Alasdair Caimbeul, 2016

image


Leabhar na Bliadhna - Duais Dhòmhnaill Meek 2015 - ri fhaighinn an-dràsta bho Chomhairle nan Leabhraichean Fòn 0141 337 6211

“…Bhuail gleoc Scarborough ceithir uairean. Sheall e ris, ’s ris an uaireadair air cùl a dhùirn. “Tha e air thoiseach,” thuirt mi. “Gleoc gun fheum. Chan eil e a’ cumail na h-uair. Gleoc a thug Ceit m’ antaidh dhachaigh bhon iasgach,” thuirt mi.

“Dè tha thu dol a dhèanamh, Rocky? Coma leat dhen
a’ ghleoc.” “Dol a dh’fhalbh. Dè eile?”
“Cà ’il thu dol?”
“Dol a theich às an diabhal àite seo. Làn thìd’ agam.”
“C’ àite?”
“Uill … cò aig tha fios. Na Hearadh? Hiort?”
“Beiridh a’ bhiast ort an sin cuideachd.”
“Tierra del Fuego?”
“Na ceàrnaidhean as iomallaich, beiridh i ort. Air an
rathad a ghabhas tu gus a seachnadh, coinnichidh i riut.”
“Dè nì mi, a-rèist?”
“An rèite,” thuirt e. “Mar as luaith’, ’s ann as fheàrr.” …”

Sgrìobhte le Alasdair a’ Bhocsair

128 duilleagan, £9.99

2016